CAPA/TRACKLIST

Letra : Tìr an Airm

An deid thu leam a ribhinn òg
Gu tìr mo gràidh sitheil sona
'S chi thu saighdearan a' ruith
Am measg nan lusan bèagh 'sa mhonadh

Horo, horainn-ò
Fàilte gu Tìr an Airm
Horo, horainn-ò

A' Coimhead a mach air maduinn chiuin
Air baile mòr cruinn is cionn na beinne
'S bhon is ciuin na tonnan gorm
Tha ceòl ru aig ceòl na mara

Horo, horainn-ò
Fàilte gu Tìr an Airm
Horo, horainn-ò

'S an deid thu leam gu tìr mo ghràidh
Seall na h-eoin Dhorchas Dhona
Treabhadh speuran as ar cionn
Deanamh air Steòrnabhagh le cabhaig

Horo, horainn-ò
Fàilte gu Tìr an Airm
Horo, horainn-ò

Nis leugh t-eachdraich, fosgail suil
Anns gach linn mu dhoigh an Airnm
Stampadh air na croitean seagail
'S beathannan òg aig gillean Uibhist

Horo, horainn-ò
Fàilte gu Tìr an Airm
Horo, horainn-ò

Cha deid mise gu an rìgh
Cha deid mise an corr a shabaid
O lunnain mheallt, a Bhreatuinn fhoilleil
Cha seas mi ach 'son sìth nan eilean

Horo, horainn-ò
Fàilte gu Tìr an Airm
Horo, horainn-ò
Horo, horainn-ò