CORRECTAR LA LETRA

Letra : An Innis Aigh

Seinn an duan seo dhan Innis Àigh
An innis uaine as gile tràigh
Bidh sian air uairean a' bagairt cruaidh ris
Ach 's e mo luaidh-sa bhith ann a' tàmh

Càit' as tràith' an tig samhradh caomh
Càit' as tràith' an tig blàth air craoibh
Càit' as bòidhche an seinn an smeòrach
Air bhàrr nan ògan? 'S an Innis Àigh!

Tiugainn leam-sa chun na tràigh
'S an fheasgar chìuin-ghil aig àm an làin
'S chì thu 'm bòidhchead 's an liuthad seòrsa
De dh'eòin tha còmhnaidh 's an Innis Àigh

An t-iasg as fiachaile dlùth don tràigh
Is ann m'a chrìochan is miann leis tàmh;
Bidh gillean èasgaidh le dorgh is lìontan
Moch, moch ga iarraidh mun Innis Àigh

O 's geàrr an ùine gu 'n teirig là;
Thig an oidhche 's gun iarr mi tàmh
Mo chadal buan-sa bidh e cho suaimhneach
Ma bhios mo chluasag 's an Innis Àigh

Seinn an duan seo dhan Innis Àigh