SUBMIT LYRICS
Top 100
Album releases
artists
Community
French
Spanish
Portuguese
Correction Lyrics
An Innis Aigh
by
The Rankin Family
Back
Lyrics
Seinn an duan seo dhan Innis Àigh An innis uaine as gile tràigh Bidh sian air uairean a' bagairt cruaidh ris Ach 's e mo luaidh-sa bhith ann a' tàmh Càit' as tràith' an tig samhradh caomh Càit' as tràith' an tig blàth air craoibh Càit' as bòidhche an seinn an smeòrach Air bhàrr nan ògan? 'S an Innis Àigh! Tiugainn leam-sa chun na tràigh 'S an fheasgar chìuin-ghil aig àm an làin 'S chì thu 'm bòidhchead 's an liuthad seòrsa De dh'eòin tha còmhnaidh 's an Innis Àigh An t-iasg as fiachaile dlùth don tràigh Is ann m'a chrìochan is miann leis tàmh; Bidh gillean èasgaidh le dorgh is lìontan Moch, moch ga iarraidh mun Innis Àigh O 's geàrr an ùine gu 'n teirig là; Thig an oidhche 's gun iarr mi tàmh Mo chadal buan-sa bidh e cho suaimhneach Ma bhios mo chluasag 's an Innis Àigh Seinn an duan seo dhan Innis Àigh
music video
Your name will be published. Leave fields blanks to remain anonymous.
Submit
Modal title
×
Insert media
Video URL?
(YouTube, Vimeo, Instagram, DailyMotion, Soundcloud)
×
Remember me
Lost password
Sign in
Register